Comhairle nan Eilean Siar Logo (with tagline Ag Obair Còmhla Airson nan Eilean)
Lews Castle

Seachdain Thrang airson bhanaichean Splaoid!

B’ e seachdain air leth trang a bha ann, mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig aig Roinn an Fhoghlaim, agus busaichean Splaoid aig Tuath agus Splaoid aig Deas air an rathad. Bho Dhiluain 11mh Samhain gu Dihaoine thadhal Splaoid aig Tuath air na Hearadh, Ùig, An Taobh Siar, na Lochan, An Rubha, Am Bac agus Steòrnabhagh. Bha gu leòr a’ dol ann an Uibhist cuideachd aig Splaoid aig Deas, le Yvonne Irving air cùl a’ chuibhle a’ tadhal air Ceann a’ Bhàigh, Barraigh, Loch Baghasdail agus Beinn na Faoghla.

Chaidh na bhanaichean air an rathad o chionn còrr air bliadhna ais ais mar phàirt de dh’oidhirp a thaobh for-ruigheachd airson ar coimhearsnachdan Gàidhlig. Fhuairear maoineachadh airson dà bhana a cheannach gus taic a chumail ri obair Roinne na Tràth-Bhliadhnaichean agus an compàirtichean, a thaobh meudachadh ionnsachadh Gàidhlig airson aoisean 0 gu 3 air feadh na h-Eileanan an Iar.  Tha clann, an teaghlaichean, Sgoiltean Àraich agus buidhnean coimhearsnachd agus iomadach buidheann eile a’ faighinn cothrom na bhanaichean an cleachdadh gus ionnsachadh Gàidhlig a bhrosnachadh ann an dòigh tarraingeach agus spòrsail.
 
Tha broinn na bhanaichean air an sgeadachadh nan àitean-cluiche agus gu dearbha bha spòrs, òrain is plòidh gu leòr a’ dol fad an t-seachdain seo.  Thuirt Elaine Poke, Tidsear Curraicealaim nan Tràth-bhliadhnaichean aig a’ Chomhairle:
‘Tha e air a bhith na thlachd dhomh a bhith air an rathad airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh – ged is e Seachdain na Gàidhlig a tha ann dhuinn gach seachdain den bhliadhna.  Tha e cho misneacail a bhith a’ faicinn an òigridh ag ionnsachadh, a’ seinn agus chanainn gur e an rud is doirbhe a tha ann a’ feuchainn ris a h-uile duine fhaighinn far a’ bhus aig deireadh na seiseanan – chan eil duine airson a thighinn dheth!”
 
Ma tha ùidh agaibh gun tadhal na busaichean oirbhse cuir post-dealain gu Evelyn Coull NicLeòid air evelyn@gnes.net.  Cuideachd, air a’ bhus tha pailteas fiosrachaidh ri fhaighinn mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus na buannachdan a tha an cois dà-chànanas.


Posted

in

Tags: